EAGLAIS NA CROIS NAOIMH

 

Chaidh a’ chaid Eaglais air-an làrach seo a thogail le Rìgh Daibhidh I ann an 1129 ach chaidh a sgrios le teine ann an 1406. Greiseag an dèidh seo fhuaireas airgead bho Ard Shiamarlan na h-Alba airson Eaglais ùr a thogail agus chrìochnaicheadh am Meadhon, an Trannsa Deas, agus an Tùr timcheall air 1414. Tha a’ phàirt seo den Eaglais le a piolairean cruinne Albannach, a boghaichean Gothaic, agus a mullach de fhiodh daraich a bha oirre bho thoiseach, a-nis, an-dèidh mòran atharraichean, a’ coimhead gu math faisg air mar a bha I nuair a chaidh a togail an toiseach. Seach nach robh an Eaglais mòr gu leòr airson a’ choithionail thogadh pàirt na Còisir (no an ear) eadar 1507 agus 1546 le luchd-cèirde ionadail fo dheagh stiùireadh Ian Coutts, Fìor-Chlachair.

 

Ann an 1655 an dèidh còmhstri eadar dà mhinistear na h-Eaglaise agus nab ha gan leantainn thogadh le Comhairle a’ Bhaile balla-dealachaidh far a bheil an tarsainn a-nis, mar sin a’ dèanamh dà choitional, an Eaglais Sear is an Eaglais Sair, le ministear fa-leth. Ann an 1935 chaidh an dà choithional còmhla ri chèile fo aon mhinistear agus thugadh air falbh am ball-dealachaidh nuair a bha mòr obair ùrachaidh ga dèanamh eadar 1936 agus 1940. Nuair a bha an ùrachadh seo à dol air adhairt chaidh an dà thrainsept ghoirid a liadachadh, thogadh mullach gobhlach an tarsainn, chaidh làr an seansail agus làr na còisir a thogail an aired, agus chaidh seòmraichean-ministeir agus Taigh Seisein a thogail fo làr na Còisir.

 

Rinneadh tuilleadh ùrachaidh air an togail ann an 1965 agus ann an 1968 agus bha program ùrachaidh mòr mòr ann bho 1987 gu 1993 a chosg còrr is £1,250,000.

 

Bha Màiri, Bànrigh na h-Alba ag adhradh anns an Eaglais seo agus shearmonaich Ian Knox innte. Chrùnadh an seo san Iuchair, 1547, leanaban mac Màiri, Seumas VI na h-Alba, a bha an dèidh sin Seumas I Shasainn; mar sin ‘se seo an aon Eaglais an Alba, far a bheil adhradh daonnan fhathast ga dhèanamh, anns an do ghabh crùnadh àite.